Àite airson ionnsachaidh, ealain agus tachartasan
A space for learning, arts and events
Thig a dh’obair còmhla rinn! | Come and work with us!
Tha sinn a’ sireadh Manaidsear Ghoireasan agus Obrachail.
Bidh thu a’ cumail sùil air obair làitheil an togalaich, na goireasan agus an uidheam againn, a’ gabhail a-steach
ionmhas, clàraidhean, gèilleadh ri riaghailtean agus co-òrdanachadh sheirbheisean aghaidh.
Os cionn fàilteachais agus a’ cur an gnìomh feallsanachd iomairt Gach Latha aig Bòrd na Gàidhlig.
• A’ dearbhadh gu bheil an togalach agus na goireasan ann an deagh staid agus iomchaidh airson a h-uile
tachartas.
• A’ co-obrachadh le com-pàirteachas na h-iomairt co-obrachail, a’ choimhearsnachd ionadail agus
buidhnean eile le ùidh airson ar miann agus lèirsinn a choileanadh.
• Dleastanasan gach buidseat agus stiùireadh ionmhais airson buidseat làitheil an togalaich.
Tha an ceann latha aig 5f Diluain 14mh den t-Sultain.
Cuiribh thugainn CV agus litir-chòmhdaich ghoirid – aig a’ char as motha dà dhuilleag A4 – agus mion-fhiosrachadh mu dhithis luchd-iomraidh. Cha dèan sinn conaltradh ris an luchd-iomraidh mura h-eil sibh soirbheachail aig an agallamh. Cuiribh iad air post-d gu admin@cnocsoiller.org
We’re looking for a Facilities and Operations Manager.
You will oversee the day-to-day operation of our building, facilities and equipment, including finances, bookings compliance and front-line co-ordination
- Leading on welcome and embedding the ethos of Bòrd na Gàidhlig’s Gach Latha campaign.
- Ensuring the building and facilities are kept in good working order and are suitable for all scheduled and planned activities and events.
- Working collaboratively with joint venture partners, the local community and other stakeholders to realise our ambitions and vision.
- Budget holder and financial management for operations budget for the building.
The closing date is 5pm on Monday 14th Sept.
Send us a CV and short covering letter – 2 sides A4 max – and include the details of two referees. We will not contact referees unless you are successful at interview. Email to admin@cnocsoiller.org
Tha Cnoc Soilleir Earranta toilichte innse gu bheil an obair togail air an dàrna ìre dhen phròiseact againn ann an Dalabrog, Uibhist a Deas a-nis air a chrìochnachadh leis an togalach air a ghabhail a-null bho chompanaidh MhicAonghais Earranta.
Thuirt cathraiche bòrd stiùiridh Chnoc Soilleir Earranta, Ailig O’Henley: “As leth bòrd stiùiridh Chnoc Soilleir, bu toil leam ar taing a thoirt dhan h-uile duine a tha air obrachadh no air cur ris an dara pàirt dhen togalach. Tha an obair chruaidh san dealas aig companaidh togail MhicAonghais Earranta gu sònraichte a’ ciallachadh gun deach againn air an talla ùr a chrìochnachadh ann an deagh àm, air buidseat ach cuideachd gu ìre fìor àrd. Tha sibh air sàr obair a dhèanamh.
“Tha Cnoc Soilleir a-nis a seasamh gu pròiseil os cionn Dhalabroig, agus mar a tha an t-ainm a toirt fa near, tha mi an dòchas gum bidh e na lòchran dhan h-uile duine aig a bheil meas air a’ Ghàidhlig, air a ceòl sa cultar – an dà chuid an seo an Uibhist a Deas agus nas fhaide air falbh airson bliadhnaichean mòra ri thighinn. Mo bheannachd oirbh uile agus tapadh leibh.”
Cnoc Soilleir Limited is pleased to announce the handover of Phase 2 of its capital project in Daliburgh, South Uist, by main contractor MacInnes Bros Ltd.
Chair of the Cnoc Soilleir Ltd Board, Alex O’Henley, said: “On behalf of the Cnoc Soilleir Board, I would like to extend our sincere thanks to every individual who has contributed to Phase 2 of this building project. The hard work and dedication of MacInnes Bros Ltd in particular has ensured that this auditorium has been completed on time, on budget and to an exceptionally high standard. It is a magnificent achievement. Cnoc Soilleir now stands proudly above Daliburgh and, as its name suggests, I hope it will serve as a beacon of light and opportunity for all who cherish the Gaelic language, music and culture—here in South Uist and far beyond—for many years to come. Tapadh leibh uile.”


Mur Dèidhinn | About Us
Cnoc Soilleir is an exciting joint venture between Ceòlas Uibhist and UHI North, West and Hebrides.
Located in the Gaelic heartland of South Uist, Cnoc Soilleir helps promote and celebrate the community’s Gaelic cultural heritage.
Mu Chèolas | About Ceòlas

Based in Uist, Ceòlas is one of Scotland’s leading Gaelic culture, heritage and arts organisations.
Mun UHI | About the UHI

UHI is an integrated university offering flexible and supported learning in the Highlands and Islands of Scotland.
Tachartasan | Events
All sorts of events are held at Cnoc Soilleir. Find out what’s on!
Lorg Àite | Book a Space
We have lots of different spaces available to book, suitable for almost anything!





